Oidhche mhath leibh

 

Oidhche Mhath Leibh

Soiridh leibh ‘s oidhche mhath leibh
Oidhche mhath leibh, is beannachd leibh
Guidheam slàint’ ghnàth bhi mar ruibh,
Oidhche mhath leibh, is beannachd leibh.

Chan eil inneal ci`ïl a ghleusar,
Dhùisgeas smuain mo chlèibh gu aoibh
Mar nì duan ‘o bheòil nan caileag,
Oidhche mhath leibh, is beannachd leibh.

‘S guth gu’m chridhe pong nan òran,
Caidir sòlais òigridh ‘seinn,
Aiteal ciùin air làithean m’ òige,
Sonas a bhi ‘n còmhnaidh leibh.

Màthair uisge ‘n tobair fhìoruisg’,
Cainnt’ ar sinnsir brìgh na loinn,
‘S faochadh tlàth o ànradh m’inntinn,
‘Nuair bheir rann na glinn a’m chuimhn’.

Grian cha laidh an nochd air mìltean,
Leis am binn a fuinn ‘s a roinn,
‘S do’m bi ‘n sgeul ‘na mhòr thoil-inntinn
Dh’innseas dhaibh gun robh sinn cruinn.

Astar cuain cha dean ar sgaradh,
‘S dùrachd daimh am bannaibh toinnt’,
Gleidh an t-àgh na dh’fhàg a bheannachd,
Oidhche mhath leibh, is beannachd leibh.

Thuit ar crann air saoghal carach,
‘S comma siud, tha ‘mhaitheas leinn,
“bidh sinn beò an dòchas ra-mhath”
Oidhche mhath leibh, is beannachd leibh.

Advertisements